Còcaireachd

Additional Info

  • Ainm: Còcaireachd
  • Ìre CEFR: B2
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): èisteachd sgrìobhadh labhairt
  • Ùine: 90 mionaidean
  • Cànan amais: Beurla
  • Goireasean TFC:

    Bhideo You Tube de One Pot Chef, David Chilcott à Àstralia

    https://www.youtube.com/watch?v=lx_hhWyiRVs

    faclair faicseannach air loidhne

         http://visual.merriam-webster.com/food-kitchen.php

    faclair air loidhne http://dictionary.reference.com/

    Powerpoint no program co-ionnan

    (Prezi, Keynote, Google slides, Emaze, Sway, etc.)

    Windows Movie Maker no program co-ionnan

    Tilgeadair

    Coimpiutair

    Fòn làimh / camara airson bhideo a dhèanamh + maide-fèineag roghainneil no trì-chasach no rudeigin mar sin gus taic a thoirt dhan fhòn / chamara

  • Comansan TFC: A’ cleachdadh an eadar-lìon gus fiosrachadh sònraichte a lorg A’ cruthachadh bhideo beag le Windows Movie Maker no program coltach ris A’ cleachdadh fònaichean-làimh / camara ann am foghlam A’ cleachdadh faclairean air loidhne
  • Suidheachadh / tèama(n): Còcaireachd san dachaigh
  • ‘S urrainn dhomh…:

    S urrainn dhomh conaltradh aig ìre fileanta agus deòntas gus an gabh conaltradh le luchd-fileantach a dhèanamh

    ‘S urrainn dhomh pàirt a ghabhail ann an conaltradh mu chuspairean aig a bheil mi eòlach, a’ mìneachahd nam beachdan agam.

    ‘S urrainn dhomh fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad air chuspair sònraichte, co-cheangailte ri biadh agus còcaireachd

    ‘S urrainn dhomh beachdan air cuspair chuspaireil, a’ mìneachadh nam buannachdan agus eas-bhuannachdan de roghainnean eadar-dhealaichte.

  • Toradh: Bhideo goirid a’ còcaireachd nan cidsin fhèin
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

     An eadar-lìon, Windows Movie Maker no bather-bog eile airson bhideo no film goirid a dhèanamh, PowerPoint no program co-ionnan, faclair air loidhne le mìneachadh, coimpiutair, inneal clàraidh bhideo

  • Modh-obrachaidh:

    A’ taisbeanadh a’ bhideo dà thriop mar ro-ràdh den chuspair airson nan oileanach agus bidh na h-oileanaich ga sgrùdadh gu mionaideach (2 x 3 mionaidean)

    Sgrùdadh tuigse – bidh sgrùdadh beag ga thoirt dhan na h-oileanaich gus tuigse den bhideo a mheasadh. Dh’fhaoidte an ceasnachadh seo a’ gabhail a-steach ceistean fìor / ceàrr, a’ cur seantansan ann an òrdugh cheart, a’ lìonadh nam beàrnan de bhriathrachas còcaireachd ann am prìomh seantansan (15 mionaidean)

    Ath-sealladh briathrachais (ann am buidheann) – bidh na h-oileanaich nan ceithir buidhnean; bidh gach buidheann ag èisteachd ris agus a’ sgrìobhadh nam faclain a fhuair iad aig toiseach an obair. Thèid na seataichean a leanas a thoirt seachad (gnìomhairean co-cheangailte ri còcaireachd, faclain co-cheangailte ris na grìtheidean, buadhairean a chleachdar anns a’ bhideo). Coimhead air a’ bhideo agus sgrìobh na rudan a chì sibh anns a’ bhideo. (10 mionaidean)

    Measadh co-aoisean (Bidh na h-oileanaich ag iomlaid an liosta faclain aca fhèin agus bidh iad a’ coimhead air a’ bhideo a-rithist airson dèanamh cinnteach gu bheil gach facail air an liosta bhon bhideo, cuir ris na faclail nach chuala na h-oileanaich gu ceart (10 mionaidean)

    Luachadh an tidseir bidh an tidsear a’ sgrùdadh obair nan oileanaich agus a’ toirt taic riutha le facail ùra (5 mionaidean)

    Obair dhachaigh – ann am buidhnean, bu chòir dha na h-oileanaich bhideo de 2 no 3 mionaidean a dhèanamh far am bidh iad a’ còcaireachd san taigh. Feumaidh iad liosta de 10 faclain ùra agus am mìneachadh co-cheangailte ri còchaireachd a chruthachadh agus ga chur dhan tidsear tro phost-d ron ath-chlas (2 mionaidean)

    Taisbeanadh briathrachais (2na sèisean) – bidh buidhnean a’ mìneachadh faclain ùra bhon liosta aca fhèin agus bidh corr a’ chlas airson am mìneachadh obrachadh a-mach, an uair sin sgrìobhaidh na faclain as cudromaiche no freagraiche air a’ bhòrd.

    Sgrùdadh bhideo – bidh na h-oileanaich a’ taisbeanadh am bhideothhan agus bidh na h-oileanaich eile ga sgrùdadh agus a’ lìonadh foirm sgrùdaidh (cruhachalachd cànain, modhan-bodhaige, susbaint) (15 mionaidean)

    Cleachdadh briathrachais ann an co-theacsa bidh an tidsear a’ toirt obair seachad ann an cruth ioma-meadhanach gus briathrachas còcaireachd ath-sgrùdadh tro obair-dùinte anns a bheil gach buidhnean airson faclail a lorg gus am bèarn a lìonadh, bidh oileanadh a’sgrùdadh ceudad de fhreagairtan ceart (15 mionaidean)

  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Obair ann am buidhnean agus obair-dhachaigh gach oileanaich fa leth gus bhideo a dhèanamh
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Pìosan obair gus briathrachas ionnsachadh (mar eisimpleir cleachdadh briathrachais ann an suidheachadh fhìor)

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Sgrùdaidhean an tidsear stèidhichte air am feagairtean ann an obair mu dheireadh a rèir freagairtean ceart; ma faigh na h-oileanaich barrachd is 80%, rinn iad math.

  • Ùghdarran: Jelena Jelenić Marinović, Mirjana Kovačević, Danijela Manić, Julijana Vučo Ma bhios sibh airson barrachd fiosrachadh fhaiginn mun obair seo, no ma bhios sibh airson an ath-sgrìobhadh no cleachdadh a bheachdachadh, cuiridh fhios gu Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Dèanaibh cinnteach gu bheil am bhideo ag obair air a’ choimpiutair ron a’ chlas

    Be sure that the video clip works properly on PC or other device before the lesson starts

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Feumaidh oileanaich tras-sgrìobhaidhean den bhideothan aca fhèin ullachadh agus an toirt dhan chlas, air eagal nach eil an teicneòlas ag obair. ‘S e mion-phuing cudromach a tha seo. Tha tras-sgrìobhadh a’ toirt ùine mhòr agus mar sin bu choir dha na h-oileanaich smaoineachadh ma dheidhinn. No dh’fhaoidte iad sgrìobt a sgrìobhadh ro-làimh. Tha seo a’ toirt ùine mhòr cuideachd. Tha òcaideachadh duilich cuideachd. Fiù aig ìre àrd bidh seo duilich airson nan oileanaich nuair a thòiseachas clàradh. Feumaidh na h-oileanaich a bhith ullaichte air a son

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    Tha an obair seo na eisimpleir de ghairm air ais agus a’ cuimneachadh briathrachais a ghabhas cleachdadh ann an beatha àbhaisteach tro eacarsaich faclaireil le oileanaich fhèin, ‘s e aon de na buannachdan as motha de TBLT

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

     

    A’ brosnachadh tidsearan gus gabhail ris TBLT agus CEFR agus a’ cleachdadh TFC ann an obair teagaisg

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair seo a’ gahbail a-steach trì sgìlean cànanach (èisteachd, sgrìobhadh agus labhairt) agus faodaidh seo atharrachadh gus an gabh e cleachdadh aig gach ìre. Cuideachd bidh na h-oileanaich an sàs ann an cleachdadh soar cànain. Dh’fhaoidte iomadh seòrsa de TFC a chleachdadh a bharrachd air PowerPoint agus Windows Movie Maker

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: CEFR ìre B1, B2

Tasks By Country