Coimpiutair, an t-Eadar-lìon, faclairean air-loidhne, PowerPoint, proiseactar
Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air briathrachas sam bith a tha ceangailte ri àitichean is goireasan-taitneis ann am baile agus ri spòrs is cur-seachadan.
Tha buidhnean a’ coimhead air is ag èisteachd ri na taisbeanaidhean agus a’ dèanamh nòtaichean de feartan is toil/nach toil leotha. Tha na beachdan seo air a cho-roinneadh leis a’ chlas gu lèir. Bu chòir don neach-teagaisg aire a tharraing air briathrachas no structar cudromach sam bith a tha air a bhith air a chleachdadh tron obair agus cuideachadh le duilgheadas sam bith le cànan.
Bidh oileanaich air a’ chùis a dhèanamh ma choileanas iad na leanas:
Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air bather-bog choimpiutair, PowerPoint agus a’ sireadh eadar-lìon mu thràth. Bidh sgilean taisbeanaidh agus a bhith a’ co-obrachadh air leasachadh buileach.
Dh’fhaodadh gum feum na h-oileanaich cuideachadh aig an fhìor thoiseachd leis na susbaintean is stoidhle no cruth den taisbeanadh.
‘S e prìomh chomasan a th’ anns na sgilean TFC airson cleachdaidhean foghlaim, sòisealta agus co-cheangailte ri obair.
Tha an obair a’ cur feum air comasan riantach le bhith ag obair comhla ri càch.
Tha an obair seo a’ dèanamh comasach an corpachadh de TFC san t-seòmar teagaisg agus a’ brosnachadh co-obrachadh. Tha togradh oileanaich air a mheudachadh leis an leusachadh de sgilean feumail a chleachdas iad taobh a-muigh an t-seòmar teagaisg agus tron ionnsachadh fhad-beatha.
Tha an obair a’ corpachadh iomadh feart brìgheil de comasan cànain thairis air curraicealaman nàiseanta, leasachadh sgilean TFC agus co-obrachadh.
‘S urrainn don t-suitheachadh a bhith air mhion-atharrachadh, air a dhèanamh freagarrach no air a mheudachadh far a bheil e deatamach, gus am bi e freagarrach airson cuingeadan curraicealach ach fhathast a’ cumail brìghe toradh is sgilean na h-obrach. Dh’fhaodadh gum feum mion-atharraichidhean sam bith co-cheartachadh dha na h-ìrean CEFR. Gu dearbh, cha bu chòir na h-ìrean CEFR thùsail fhèin, mar a tha air a cur an cèill airson an obair seo, cuibhreachaidhean a chur air raon nan comas a tha freagarrach airson an obair. Cleachdaidh luchd-teagaisg an teòmachd phroifeiseanta aca gus na mion-atharraichidhean feumail a dhearbhadh.