Spòrs agus na Geamaichean Glaschu 2014

Additional Info

  • Ainm: Spòrs agus na Geamaichean Glaschu 2014
  • Ìre CEFR: A2
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Leughadh Èisteachd Sgrìobhadh Bruidhinn
  • Ùine: 3 x 60 mionaidean ach caochlaideach a-rèir suidheachaidhean pearsanta agus toradh.
  • Cànan amais: Gàidhlig
  • Goireasean TFC:

    Coimpiutair, an t-Eadar-lìon, faclairean air-loidhne, PowerPoint, proiseactar

  • Comansan TFC: A’ cleachdadh an eadar-lìn airson fiosrachadh a lorg mun bhaile-mhòir aoigheachd Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis 2014, Glaschu. Ag ainmeachadh prìomh-spòrsachan agus ionadan air feadh a’ bhail-mhòir agus àitichean eile. Ag ullachadh aithisg ghoirid air PowerPoint air na prìomh toraidhean airson bruidhinn ris a’ chlas mun spòrs agus an ionad a thaghadh iad.
  • Suidheachadh / tèama(n): agh tachartas spòrs bho na Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis 2014 agus ullaich taisbeanadh PowerPoint mu dhèidhinn. An àite, dh’fhaodadh an suidheachadh a bhith tachartas spòrs sam bith le co-theacsaichean freagarrach m.e. European Championships, Geamaichean Oilimpeach m.s.a.a.
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh: Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air briathrachas sam bith a tha ceangailte ri àitichean is goireasan-taitneis ann am baile agus ri spòrs is cur-seachadan.
  • ‘S urrainn dhomh…:

     

    • obrachadh gu h-èifeachdach ann am buidheann agus crìoch a chur air obair a tha air sonrachadh dhomh
    • cànan freagrach chun an tèama a thuigsinn agus a chleachdadh
    • taisbeanadh buadhmhor a dhèanamh mun rannsachadh air an tachartas spòrs a bha air a thaghadh
    • taic a thoirt don chruthachadh den dhreachd agus den taisbeanadh deireannach
    • an taisbeanadh a shealltainn don chlas agus neach(luchd)-teagaisg airson beachdan agus aonta.

     

  • Toradh: A’ cur taisbeanadh PowerPoint air doigh airson sealltainn don chlas.
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air briathrachas sam bith a tha ceangailte ri àitichean is goireasan-taitneis ann am baile agus ri spòrs is cur-seachadan.

  • Modh-obrachaidh:
    • Tha iarraidh air na h-oileanaich (ann am buidhnean) liosta de spòrs a chruinneachadh anns a’ chànan chèin. Tha an tidsear a’ toirt fios air ais air na liostaichean airson briathrachas a dhaingneachadh, mar seo a’ cur ri ionnsachadh na bu tràithe.
    • Tha an fheadhainn sna Geamaichean 2014 air aithneachadh. Tha spòrs air a shònrachadh do gach buidheann tro cho-aontachd. ‘S e seo an spòrs a bhios air a rannsachadh agus ann an taisbeanadh PowerPoint.
    • Airson gach spòrs, bu choir don neach-teagaisg cunntas a thoirt air an fhiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith air a rannsachadh m.e. ionad, àite sa bhaile (sùil air ais air puingean a’ chombaiste), lathan, compàirtichean, luchd-buannachaidh
    • A-nis, tha na buidhnean a’ dèanamh rannsachadh mionaideach air-loidhne airson na prìomh eileamaidean ainmeachadh a bha air a mholadh leis an neach-teagaisg. Gus seo a dhèanamh gu èifeachdadh, bu chòir do bhuidhnean an rannsachadh a roinn eadar gach neach sa bhuidheann.
    • Tha am fiosrachadh bhon obair seo an uairsin air a tharraing ‘s a’ cur ann an taisbeanadh PowerPoint goirid le 6 slaighdean no nas lugha
    • Tha na dreuchdan airson an obair seo air a bharganachadh am broinn a’ bhuidhinn
    • Tha am PowerPoint deiseil air a shealltainn don chlas
    • Tha buidhnean a’ dèanamh measadh luaidh air na taisbeanaidhean
  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Tha buidhnean air a shònrachadh aig an fhìor thoiseach tro cho-aontachd no leis an tidsear ma thathar a’ beachdachadh freagarrach. Tha na dreuchdan am broinn nam buidheannan air a bharganachadh leis a’ bhuidheann agus an neach-teagaisg ag obair mar comhairleach nuair a tha feum.
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Tha buidhnean a’ coimhead air is ag èisteachd ri na taisbeanaidhean agus a’ dèanamh nòtaichean de feartan is toil/nach toil leotha. Tha na beachdan seo air a cho-roinneadh leis a’ chlas gu lèir. Bu chòir don neach-teagaisg aire a tharraing air briathrachas no structar cudromach sam bith a tha air a bhith air a chleachdadh tron obair agus cuideachadh le duilgheadas sam bith le cànan.

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Bidh oileanaich air a’ chùis a dhèanamh ma choileanas iad na leanas:

    • ainmich fiosrachadh freagarrach airson an gnìomhachd spòrs a bha air a thaghadh
    • barganaich dreuchdan gu math am broinn a’ bhuidhinn
    • crìochnaich taisbeanadh PowerPoint
    • thoir seacahd taisbeanadh ann an dòigh a tha ciallach agus fileanta
    • bi mìneachail agus dibhearsaineach
    • bi comasach lèirmheas cuideachail a thoirt seachad
    • cleachd fios air ais a bha air a thoirt seachad airson atharrachaidhean a dhèanamh mar a tha feum
  • Ùghdarran: John De Cecco, Lindsay Dombrowski.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air bather-bog choimpiutair, PowerPoint agus a’ sireadh eadar-lìon mu thràth. Bidh sgilean taisbeanaidh agus a bhith a’ co-obrachadh air leasachadh buileach.

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Dh’fhaodadh gum feum na h-oileanaich cuideachadh aig an fhìor thoiseachd leis na susbaintean is stoidhle no cruth den taisbeanadh.

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    ‘S e prìomh chomasan a th’ anns na sgilean TFC airson cleachdaidhean foghlaim, sòisealta agus co-cheangailte ri obair.

    Tha an obair a’ cur feum air comasan riantach le bhith ag obair comhla ri càch.

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Tha an obair seo a’ dèanamh comasach an corpachadh de TFC san t-seòmar teagaisg agus a’ brosnachadh co-obrachadh. Tha togradh oileanaich air a mheudachadh leis an leusachadh de sgilean feumail a chleachdas iad taobh a-muigh an t-seòmar teagaisg agus tron ionnsachadh fhad-beatha.

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair a’ corpachadh iomadh feart brìgheil de comasan cànain thairis air curraicealaman nàiseanta, leasachadh sgilean TFC agus co-obrachadh.

    ‘S urrainn don t-suitheachadh a bhith air mhion-atharrachadh, air a dhèanamh freagarrach no air a mheudachadh far a bheil e deatamach, gus am bi e freagarrach airson cuingeadan curraicealach ach fhathast a’ cumail brìghe toradh is sgilean na h-obrach. Dh’fhaodadh gum feum mion-atharraichidhean sam bith co-cheartachadh dha na h-ìrean CEFR. Gu dearbh, cha bu chòir na h-ìrean CEFR thùsail fhèin, mar a tha air a cur an cèill airson an obair seo, cuibhreachaidhean a chur air raon nan comas a tha freagarrach airson an obair. Cleachdaidh luchd-teagaisg an teòmachd phroifeiseanta aca gus na mion-atharraichidhean feumail a dhearbhadh.

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: TBLT a’ cleachdadh ìrean iomraidh CEFR cumanta

Tasks By Country