DVD playback, proiseactar, camara-clàraidh no coltach, coimpiutair airson taisbeanaidhean postair m.e. Powerpoint
Bu chòir do dh’oileanaich a bhith eòlach air a’ bhriathrachas a tha ceangailte ri biadh is deoch. Anns an obair seo sgrùdaidh iad reasabaidhean sònraichte: tàthchuidean agus doighean-obrach. Bidh na h-oileanaich eòlach air na riochdan aithneach airson na stiùiridhean reasabaidh mu thràth.
Mar eisimpleir de tàthchuidean fallain, bunaiteach ach beathachail ann am piotsa àbhaisteach san stoidhle Eadailteach, tha am “margherita” air a bheachdachadh
Tha dithisean a’ coimhead air agus a’ èisteachd ri co-aoisean a’ mìneachadh na thaghaidhean is co-dhùnaidhean aca. Tha oileanaich air am brosnachadh ri bhòtadh “gu cunntasach”. Dh’fhaodadh luchd-teagaisg seo a dhèanamh comasach leis a bhith a’ faighneachd do dh’oileanaich carson is toil no nach toil leotha rudeigin.
Bidh oileanaich air a’ chùis a dhèanamh ma choileanas iad na leanas:
Tha co-obrachadh agus ro-phlanadh comhla ris an dà roinn riantach. ‘S docha gum feum stuthan mar an DVD a bhith air a cho-roinneadh agus tha seo feumach air planadh. Bu chòir do luchd-teagaisg na h-oileanaich am brosnachadh gus am bi iad innleachdach agus na prionnsabalan toradh fallain a chumail. Tha an obair glè bhrosnachail agus ‘s urrainn dha fìor spreagadh a dhèanamh. Tha slàinte is sàbhailteachd beachdachaidhean ro chudromach sa phlannadh eadar-chuspaireil den obair.
Tha an fhianais den mhodh dhèanaimh a tha a’ sgàthanachadh na stiùirdhean bhidio/DVD a’ cuideachadh le modh-obrach a dhaingneachadh.
Ionnsachadh eadar-chuspaireil, a’ toirt a-steach TFC agus suidheachaidhean buntainneach ri comann-sòisealta.
‘S e prìomh chomasan a th’ anns na sgilean TFC airson cleachdaidhean foghlaim, sòisealta agus co-cheangailte ri obair.
Tha feum aig an obair air obair eadar-chuspaireil. Tha e a’ cuideachadh na h-oileanaich a bhrosnachadh a dh’faicinn an luach cànan ionnsachadh ann an co-cheangal ri raointeann eile a’ churraiclealam.
Tha an obair a’ corpachadh iomadh feart brìgheil de comasan cànain thairis air curraicealaman nàiseanta, leasachadh sgilean TFC agus co-obrachadh.