Thèid agus tadhail dhan bhaile agam Featured

Additional Info

  • Ainm: Thèid agus tadhail dhan bhaile agam fhèin!
  • Ìre CEFR: A2, B1
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Sgrìobhadh / labhairt
  • Ùine: 4 x 90 mionaidean / 5 x 90 mionaidean
  • Cànan amais: Beurla
  • Goireasean TFC:

    Eadar-lìon

    Bhideo: http://www.youtube.com/watch?v=mSOFNBLMALs

    Windows Movie Maker, dealbhan Google, faclairean air-loidhne, google, Facebook, Youtube, fònaichean-làimhe / camarathan, micreofonaichean

  • Comansan TFC: A’ cleachdadh an eadar-lìon gus fiosrachadh sònraichte a lorg A’ cleachdadh prògramman TFC giullachd-teacsa A’ cleachdadh fònaichean-làimhe / camarathan airson adbharan ionnsachaidh A’ cleachdadh Windows Movie maker
  • Suidheachadh / tèama(n): A’ siubhal
  • ‘S urrainn dhomh…:

    Fiosrachadh sònraichte a lorg ann an goireasan làitheal mar shanasan, sanasan-leabhran, clàran-bìdh agus clàran-ama

    Piosan sgrìobhte simplidh mu chuspairean air a bheil ùidh agam a thuigsinn

    Fiosrachadh farsaing feumail a lorg ann an litrichean,

    sanasan-leabhran agus sgriobhainn oifigeil

    dol tro teacsa fada no teacsaichean goirid gus fiosrachadh sònraichte air a bheil feum agam a lorg gus obair a chur gu crìoch

    taisbeanadh a thoirt seachad no a leanntain mu cuspair air a bheil mi eòlach no conaltradh a dhèanamh mu cuspairean eadar-dhealaichte

    adhbharan agus mìneachadh a thoirt airson planaichean, beachdan agus gnìomhan

  • Toradh: A’ cruthachadh bhideo brosnachaidh de bhaile far a bheilear a’ fuireach
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    Bu chòir dha na h-oileanaich a bhith eòlach air a’ bhriathrachas co-cheangailte ris a’ chuspair agus cleachadh Windows Movie Maker
    Eadar-lìon, faclairean air loidhne le mìneachadh, PC, proiseactar, fònaichean-làimhe / camarathan

  • Modh-obrachaidh:

    Leasan 1:

    • Bidh oileanaich a’ coimhead air a’ bhideo:

    https://www.youtube.com/watch?v=mSOFNBLMALs

    • Às dèidh beachdachadh goirid de susbaint a’ bhideo, bidh an obair ga mìneachadh dha na h-oileanaich – bidh iad a’ clàradh bhideo brosnachaidh de bhaile aca fhèin de 2 – 3 mionaidhean air fad
    • Bidh na h-oileanaich ag obair ann am buidhnean de triùir no ceathrar agus bidh iad a’ sgrìobhadh an sgriobt airson a’ bhideo aca, faodaidh iad an eadar-lìon a chleachdadh gus fiosrachadh a lorg mu na cuspairean a leanas am bu chòir a nochdadh anns a’ bhideo
      • Iomhaighean a’ bhaile, stoidhlichean ailtireach, càrnan-cuimhne, togalaichean ùra, dibhearsan, ionadan bhùthan, fèisean, biadh (taighean-bìdh)
      • Bidh fiosrachadh as cudromaiche a thaobh togaileachan, càrnan-cuimne agus comharra-stiùiridh am bu chòir a bhith anns a’ bhideo a thoirt dha na h-oileanaich
      • Bu chòir dha na h-oileanaich a nochdadh anns a’ bhideo gus am bi cothrom aig an tidsear èisteachd riutha a’ cleachdadh Beurla.
      • Faodaidh na h-oileanaich am bhideo seo no bhideothan brosnachaidh eile a sgrùdadh

    Leasan 2

    • Bidh na h-oileanaich a’ sgrìobhadh nan scrioptaichean aca
    • Bidh iad a’ cleachadh an eadar-lìon gus fiosrachad air na cuspairean a leanas a lorg:
      • Iomhaighean a’ bhaile, stoidhlichean ailtireach, càrnan-cuimhne, togalaichean ùra, dibhearsan, ionadan bhùthan, fèisean, biadh (taigh-bìdh)

    Obair dachaigh: bu chòir dha na h-oileanaich am fiosrachadh a tha iad airson taisbeanadh a chlàradh agus a’ luadachadh a-nuas gu Movie Maker gus a deasachadh.

    Leasan 3 & 4

    • Fo stiùireadh a’ thidsear bidh na h-oileanaich a’ cur ri chèile agus a’ dèasachadh nam bhideothan aca agus an guth aca fhèin a chàradh.
    • Bidh na bhideothan gan sgaoileadh leis an tidsear a’ cleachadh Facebook no Youtube gus a cheartachadh agus a mheasadh. Aig an ìre seo bidh an tidsear a’ toirt obair dhachaigh dha na h-oileanaich no a’ fàgail ceum 5 airson an ath leasan

    Obar dachaigh: Bidh na h-oileanaich a’ measadh obair nan oileanach eile tro lìonadh a’ chlàr a leanas:

    Clàr-sgrùdaidh a’ bhideo

    Ainmean co-obraichean: __________________

    Fiosrachadh: A bheil e ann?
    Iomhaighean a’ bhaile  
    Stoidhlichean ailitreach;  
    Càrnan-cuimhne  
    Togailaichean ùra;  
    Dìbhearsan  
    Ionadan-bùtha;  
    fèisean  
    Biadh (taighean-bìdh)  

     

    Measadh – Bidh an tidsear a’ luachadh tro sgrùdaidhean dìreach a rèir nan slatan-tomhais gu h-ìosal. Bidh fhèin-mheasadh agus measadh nan oileanaich eile nan 10% de chomharra mu dheireach (5% gach fear)

  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Buidhnean
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Faodaidh na h-oileanaich duilleag-obrach a dheilbheachadh le ceistean mu bhideo aca fhèin agus an toirt dha oileanaich ann an clasaichean eile

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Rinn na h-oileanaich math:

    • Nuair a chuir iad ri chèile bhideo gus am baile aca fhèin a bhrosnachadh, a’ cleachdadh ghoireasan TFC
    • Briathrachas: nuair a chleachd iad briathrachas agus abairtean co-cheangailte ris a’ chuspair
    • Fileantachd: nuair a bha iad comasach bruidhinn airson ùine gus dhìth faclan no cus mearachdan
    • Co-leanailteas - nuair a chuir iad seantansan ri chèile agus nuair a chleachd iad naisgearan gu tric
    • Eadar-obrachadh - nuair a ghabh iad pàirt ann am buidhean mhòr agus beag agus nuair a bha iad deònach nam beachdan a thoirt seachad agus a’ gabhail ri beachdan agus càineadh nan oileanaich eile
    • Fuaimneachadh - nuair a chaidh briathrachas fhuaimneachadh gu ceart agus nuair a chaidh mearachdan as miosa a cheartachadh le oileanaich eile
  • Ùghdarran: Lúcia Nassa Tardão Ma bhios sibh ag iarraidh barrachd fiosrachadh mun obair seo cuir brath gu Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    Gus dàil anns an leasan a sheachnadh bu chòir dha na bhideothan a’ luachachadh a-nuas le program mar iLivid. Gabh www.ivona.com a chleachdadh gus cuideachadh le fuaimneachadh

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Cuir cinn-latha sònraichte air chois. Mura h-eil na h-oileanach deiseil às dèidh 4 90 mionaideann faodaidh iad obair air aig an taigh. Mìnich gu mionaideach amasan an obair agus na slatan-tomhais

     

     

     

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    Chaidh an obair seo a dheilbheachadh gus sgilean cànain agus comasan sòisealta a leasachadh tro chleachdadh ghoireasan TFC agus tro chuspair de thaisbeanadh cànain agus culatir.

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Bidh tidsearan a’ cleachdadh goireasan TFC ann an teagasg cànain

    Thèid tidsearan a bhrosnachadh gus TBLT agus CEFR a chleachdadh

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Gabh an obair seo a dhèanamh mar phàirt den chuspair de shiubhail, a tha cha mhòr anns a h-uile clàr-teasgaig agus teagasg chànanan

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: TBLT a’ cleachdadh CEFR Obair aig ìre B1 a’ gabhail a-steach roinn phoblach - oileanaich ag iopachadh dhaoine eile gus am baile aca fhèin a thadhal.
  • Preferencial target age group(s): High school students

Tasks By Country