Additional Info

  • Ainm: M’ ainm
  • Ìre CEFR: A2, B1, B2
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Labhairt / leughadh / sgrìobhadh
  • Ùine: Mu 225 mionaidean
  • Cànan amais: Beurla Gearmailtis
  • Goireasean TFC:
    • Eadar lìon, coimpiutair le eadar-lìon airson a h-uile com-pàirtiche no fònaichean-làimhe le eadar-lìon, proiseactar
    • Micreofon airson clàradh air a’ choimpiutar
    • Blog no YouTube airson a’ bheo-dhealbhadh fhoillsicheadh
  • Comansan TFC: A’ cleachdadh goireasan TFC, fònaichean-làimh
  • Suidheachadh / tèama(n): A’ faighinn a-mach mu ainmean agus a’ toirt tuairsgeul orra sa chlas, co-roinneadh thoraidhean le daoine eile air a bheil an aon aimn
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh: B’ urrainn oileanaich \r An eadar-lìon a chleachdadh air a’ choimpiutair no air fònaichean-làimhe gus rannsachadh a dhèanamh Na toraidhean aca a thaisbeanadh ann an cruth freagrach (me PowerPoint) Faclairean air loidhne a chleachdadh Na toraidhean a chur air a’ mhapa a chaidh a luachdachadh a-nuas bho seòladh làrach-lìn a chaidh ullachadh leis an tidsear Na faclan fhuaimneachadh gu ceart
  • ‘S urrainn dhomh…:


    • An eadar-lìon a chleachdadh airson fiosrachadh freagrach mun chiad ainm a lorg (30 mionaidean)
    • An eadar-lìon a chleachdadh airson fiosrachadh freagrach mun ainm sloinnidh a lorg (30 mionaidean)
    • Bruidhinn mun ainmean agam ri oileanaich eile (40 mionaidean)
    • Ainmean a chur air mapa a chaidh a luachdachadh a-nuas agus a thaisbeanadh dha na h-oileanaich eile, a’ cleachdadh proiseactar (110 mionaidean)
    • Mo sgeulachd fhoillseachadh ann an YouTube no Blog (25 mionaidean)
    • Fuaimneachadh gu ceart
    • Structairean gràmair ceart airson stiùireadh a thoirt seachad a chleachdadh (B2)
  • Toradh: Taisbeanadh de sgeulachd m’ainm agus m’ ainm ann an dùthchannan / cànanan eile
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    B’ urrainn oileanaich

    • An eadar-lìon a chleachdadh air a’ choimpiutair no air fònaichean-làimhe gus rannsachadh a dhèanamh
    • Na toraidhean aca a thaisbeanadh ann an cruth freagrach (me PowerPoint)
    • Faclairean air loidhne a chleachdadh
    • Na toraidhean a chur air a’ mhapa a chaidh a luachdachadh a-nuas bho seòladh làrach-lìn a chaidh ullachadh leis an tidsear
    • Na faclan fhuaimneachadh gu ceart
  • Modh-obrachaidh:

    Tidsear

    • A’ mineachadh amasan an obair
    • Ag ullachadh an làrach-lìn airson a’ mhapa a tha na liosta airson luachdachadh a-nuas

    Oileanaich

    • A’ cleachdadh an eadar-lìon gus bunadh do chiad ainm no / agus an ainm sloinnidh a lorg:
      • Cò às a tha an t-ainm
      • Dè tha an t-ainm a’ ciallachadh
    • Faighneachd dha na pàrantan aca ciamar a thagh iad an ainm seo
    • Lorg daoine ainmeil leis an aon ainm
      • Dè tha iad a’ dèanamh
    • Innse dha na h-oileanaich eile dè na toraidhean a th’ agad
    • Bheir fiosrachadh air ais no beachdaich no faighnich mu aithisgean nan oileanaich eile
    • Sgrìobh an sgeulachd a’ chiad ainm / ainm sloinnidh
    • Cleachd an eadar-lìon gus cruth d’ainm ann an cànan eile a lorg
    • Luachdaich a-nuas am mapa bho làrach-lìn a thagh an tidsear dhut agus cuir na cruthan eadar-dhealaichte d’ ainm air an dùthaich far a bheil e ga chleachdadh (m.e. Wilhelm (a’ Ghearmailt), Wilm (an Olaind) William (UK agus USA), Bill (far-ainm ann an USA), Guillaume (an Fhraing) msaa)
    • Comharradh d’ ainm air a’ mhapa
    • Luachdachadh suas an sgeulachd agad air blog no YouTube no / agus cuir an sgeulachd agad ri blogaichean a tha an co-dhiù

    Oileanaich

    Taisbeanadh labhairt:

    • Èist ri sgeulachdan nan oileanaich eile
    • Ma ghabhas dèanamh: sgrìobh notaichean no comharraich na taisbeanaran air an liosta
    • Beachdaich air na toraidhean càch an aghaidh a chèile agus / no
    • Ann am buidheann beachdaich air na toraidhean a rèir meud a’ buidhne (tha na beachdan stèidhichte air liosta de thaisbeanaran

    Tidsear agus oileanaich

    • A‘ sgrìobhadh notaichean air susbaint agus mearachdan ann an taisbeanadh agus beachdan
    • Mu deireadh a‘ bruidhinn mu mhearachdan cumanta agus a‘ toirt fios air ais dha na h-oileanaich

    Air toradadh air loidhne

    Tidsear

    • Ag aontachadh dè an oileanach a tha a‘ sgrùdadh thoraidhean gus am bi a h-uile toradh a sgrùdadh
    • A‘ toirt obair dha na h-oileanaich
      • Leughadh an sgeulachd
      • Sgrùdadh a‘ mhapa
      • Sgìobhadh bheachdan
      • Luchdachadh suas an toraidh air an ùrlar; YouTube no
      • A‘ cur ris a‘ bhlog
      • A‘ cur ceart na beachdan sgrìobhte agus an luchdachadh suas agus a‘ toirt leth-breac dha na h-oileanaich leis na beachdan ceartaichte

    Oileanaich

    • A‘ leughadh nan sgeulachdan agus a‘ sgrùdadh a‘ mhapa
    • A‘ sgrìobhadh lèirmheas de thoradh aig co-dhiù aon oileanaich eile
    • A‘ luchdachadh suas an toradh dha ùrlar sònraichte; YouTube no a‘ cur ris a‘ bhlog
    • A’ leughadh an dreachd ceartaichte leis an tidsear
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Feumaidh na h-oileanaich:

    Am beachdan a thaobh an ainm fhèin a sgrìobhadh, agus mura h-eil an t-ainm a’ còrdadh riutha, beachdachadh dè an t-ainm as fhèarr leat no ma b’fhèarr leotha an t-ainm aca fhèin ann an cànan eile

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Rinn na h-oileanaich math nuair

    • A chruthaich iad sgeulachd an t-ainm aca fhèin
    • A thaisbean iad an sgeulachd dha na h-oileanaich eile
    • A lìon iad àite nan ainmnean air a’ mhapa
    • A bha iad gan tuigsinn leis an luchd-èisteachd
    • A chuir iad fios feumail air ais, a fhaighnich ceist no thug iad seachdad beachd na na h-oileanaich eile
    • A luchdaich iad an sgeulachd suas dhan Bhlog / YouTube
    • A chuir an sgeulachd ris na sgeulachdan eile
  • Ùghdarran: Christa Doil-Hartmann
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:
    • Ag ullachadh PC agus an eadar-lìon ro-làimh
    • Ma tha feum air, a’ cuideachadh mapa a luchdachadh a-nuas no luchdaich e ro-làimh
  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Nì cinnteach gu bheil a h-uile sgeulachd ga innse agus fiosrachadh a thoirt air ais dhan h-uile oileanaich

    Beachdachadh mu dheireadh air na toraidhean ga dhèanamh anns a’ chlas leis a bheil a h-uile oileanaich an sàs

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:
    • Oileanaich a’ cleachdadh an cànan-targaid
    • ‘s dòcha gum bi ùidh aig na h-oileanaich faighinn a-mach mun ainm aca fhèin agus an sgeul às a chùl
    • Tha e inntinneach faighinn a-mach mu chruth ainmean ann an dùthchannan eadar-dhealaichte agus ciamar a tha e ga fhuaimneachadh
    • Bidh sgeulachd aig gach ainm
  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Faodaidh na tidsearan

    • Faighinn a-mach mun ainm aca fhèin
    • An eadar-lìon no fòn-làimh a chleachadh airson teagaisg ann an cuspairean eadar-dhealaichte
  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Tha an obair seo furasta ri tuigsinn agus ri dèanamh. Tha e a’ leasachadh sgilean cruthachail aig na h-oileanaich agus a’ cleachdadh an cànain targaid ann an TFC stèidhichte air CEFR

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: Gabh an obair seo dhèanamh airson cuspairean eadar-dhealaichte ann an curraicealaman nàiseanta eadar-dhealaichte
  • Preferencial target age group(s): Any age group

Tasks By Country