Mu do dheidhin

Additional Info

  • Ainm: Mu do dheidhin
  • Ìre CEFR: A1
  • Dimeinsean-cànain - Sgil(ean): Èisteachd, labhairt
  • Ùine: 4 x 45 mionaidean
  • Cànan amais: Cànan sam bith Deuchainn: Duitsis, Gàidhlig, Eadailtis
  • Goireasean TFC:

    An eadar-lìon le clàraidhean fuaime no bhideothan bho dùthchannan eile (bhiodh innealan pearsanta; fòn làimh, tablaid no laptop nas fhèarr), innealachdan airson clàradh fhuaim no bhideo, program sgrìobhaidh. Ged a tha e nas fhasa fònaichean-làimhe a chleachadh airson clàradh, bidh a’ chàileachd nas fhèarr le camara, micreofon agus trì-chasach.

  • Comansan TFC: A’ cleachadh faidhlichean fuaime / bhideo; luchdachadh a-nuas agus suas; cleachdadh le clàraidhean ann am program sgrìobhaidh
  • Suidheachadh / tèama(n): Bidh dà chlas a’ gabhail pàirt ann an iomlaid (fìor no mac-meanmnach) iomlaid sgoile. Chan eil na h-oileanaich eòlaich air a chèile fhathast. Tha na h-oileanaich air ùr-toiseachadh le cànan cach a chèile. Bidh iomlaid de fhiosrachadh a thaobh ainmean, àitichean-fuirich nam bun-stèidh iomlaid fiosrachadh a bharrachd.
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh: An eadar-lìon. Innealan-clàraidh airson nan oileanaich. Feumaidh poileasaidh a bhith aig an sgoil gus fiosrachadh bhon eadar-lìon a chleachdadh gus prìobhaideachd a dhìon (m.e. buidheann dùinte air lìonraidh sòisealta mar Google+)
  • ‘S urrainn dhomh…:
    • Èisteachd: b’ urrainn dhomh tuigsinn conaltradh slaodach agus ga fhuaimneachadh gu fàthach, le stadan fada gus am bi cothrom agam ga thuigsinn
    • Labhairt: b’ urrainn dhomh abairtean agus seantansan simplidh a chleachdadh gus bruidhinn mu mo dheidhinn fhèin, an àite-fuirich agam agus na daoine air a bheil mi eòlach
  • Toradh: Dà sheata de chlàraidhean fuaimneach / bhideo anns am bi na h-oileanaich a’ litreachadh nan ainmeanan aca, a’ cleachdadh an aibideil aca fhèin no an cànan targaide, a’ toirt iomradh air àitichean-fuirich agus a’ toirt seachad fiosrachadh bunaiteach a thaobh nan teaghlaichean aca fhèin. Dà chlàr le fiosrachadh a fhuair iad bho na h-oileanaich anns an dùthaich eile
  • Riatanas no ro-ghoireasan toraidh:

    An eadar-lìon. Innealan-clàraidh airson nan oileanaich. Feumaidh poileasaidh a bhith aig an sgoil gus fiosrachadh bhon eadar-lìon a chleachdadh gus prìobhaideachd a dhìon (m.e. buidheann dùinte air lìonraidh sòisealta mar Google+)

  • Modh-obrachaidh:

    ag ionnsachadh mu dhaoine eile

    Bidh oileanaich ag co-obrachadh le oileanaich anns an dùthaich eile. Chan eil iad eòlach air a chèile fhathast. Gus co-obrachadh a stèidheachadh feumaidh iad fàs eòlach air a chèile; cò iad, cò às a tha iad agus a bheil bràithrean no peathraichean aca?

    Às dèidh ro-ràdh ro làimh, tha an obair na ceithrir pàirtean a bharrachd air sgrùdadh às dèidh làimh:

    1. A’ labhairt anns a’ chànan aca fhèin
    2. Ag èisteachd ri cànan nan oileanach eile
    3. A’ labhairt cànan nan oileanach eile
    4. Ag èisteachd ri oileanaich eile a’ cleachdadh a’ chànain aca fhèin

    Ro-ràdh

    Bidh an tidsear a’ mìneachadh dè tha iad ag ràdh agus cluinntinn; àireamhan, ainmean, àitichean, àireach de bhràithrean agus peathraichean

    Bidh an tidsear a’ mìneachadh aibideil de chànan targaide agus nan àireamhan (1 gu 10 no 1 – 20 a rèir meud a’ bhuidhinn).

    Mìnichidh an tidsear dè cho cudromach ‘s a tha litricheadh ceart de dh’ainmean oileanaich; feumaidh oileanaich an ainmean aca a litreachadh.

    Mìnichidh an tidsear adbharan labhairt soilleir agus furasta ri èisteachd

    Bidh an tidsear a’ toirt àireamh ris gach oileanach

    Bidh an tidsear a’ sgaradh a’ chlas ann an buidhnean beaga (faodaidh gach buidheann a’ gabhail a-steach neach-labhairt, neach-camara agus stiùiriche mar eisimpleir)

    Pàirt 1

    Bidh na h-oileanaich an aithne ri chèile ann an cànan aca fhèin mar a leanas:

    “Hàlo. ‘S e àireamh (àireamh a fhuair iad bhon thidsear) a th’ orm ‘S e (ainm) a th’ orm. Litrichidh mi e (litir, litir, litir …) Tha mi à (àite). Tha (àireamh) bràithrean agus (àireamh) peathraichean agam

    Eisimpleir

    • Hàlo, ‘S e àireamh 1 a th’ annam
    • ‘S e Harry Smith a th’ annam
    • H, A, R, R, Y stad S, M, I, T, H
    • Tha mi à Lunainn
    • Tha bràthair agus piuthar agam

    Bidh an oileanach ga chlàradh le neach-camara. Bidh an stiùiriche a’ dèanamh cinnteach gu bheil an fhuaim soilleir.

    Thèid an ath oileanaich a chlàradh agus an uair sin an ath fhear

    Sgrùdaidh na h-oileanaich am fiolm. Ma bhios a’ chàileachd math gu leòr, thèid am fiolm a luchdachadh suas.

    Pàirt 2

    Nì an tidsear cinnteach gun robh na faidhlichean inntridh gan luchdachadh suas leis na h-oileanaich anns an dùthaich eile agus a’ toirt faidhle dha gach buidheann. Sgaoilidh an tidsear clàr digiteach airson lìonadh.

    Bidh na h-oileanaich a’ luchdachadh a-nuas a chuir an tidsear thuca.

    Bidh oileanaich a’ coimhead air an fhiolm ann am buidheann airson obrachadh a-mach dè tha ri ràdh. Am b’ urrainn dhuibh am fiosrachadh freagrach a lorg? Faodaidh iad am fiolm fhaicinn iomadh triop gus am bi tuigse aca.

    Lìonaidh na h-oileanaich an clàr leis na h-ainmean, àitichean-fuirich, agus am fiosrachadh mu bhràithraichean agus peathraichean

    Pàirt 3

    Bidh na h-oileanaich a’ sgrùdadh an fhiolm gu dlùth. Ciamar a chuir na h-oileanaich eile aithne air cach a chèile? Ciamar lìtrich iad na h-ainmean aca? Ciamar a mìnich iad cò às a tha iad? Ciamar a thug iad fiosrachadh seachad a thaobh bhràithrean agus pheathraichean?

    Ma bhios iad a’ faireachdainn misneachail, bidh na h-oileanaich a’ toirt aithne air a chèile ann an cànan eile, mar ann am pàirt 1.

    Nuair a thèid a h-uile oileanaich a chlàradh, nì cinnteach gu bheil am fiolm ceart gu leòr. Ma bhios na h-oileanaich nam beachd gu bheil e ceart gu leòr thèid e a luchdachadh suas.

    Pàirt 4

    Nì an tidsear cinnteach gu bheil na fiolmiachean bho na h-oileanaich den dùthaich eile ann agus thèid gach fiolm ga thoirt dha bhuidheann eadar-dhealaichte. Bdih neach-teagaisg cuideachd a’ toirt clàir thuca. Bidh na fiolmaichean gan sgrùdadh gu dlùth. An gabh na h-oileanaich bhon dùthchannan eile a thuigsinn? Às dèidh ath-sgrùdaidhean thèid na clàradh a lìonadh agus gan luchdachadh suas.

    Obair às dèidh làimh

    Rinn an luchd-èisteachd ris a’ chànan eile (pàirt 2) math nuair a thuig iad na luchd-labhairt a’ cleachdadh a’ chànain aca fhèin agus nuair a lìon iad an clàr gu ceart.

    Rinn luchd-labhairt an cànan eile (pàirt 3) math nuair a bha an luchd-èisteachd ris a’ chànan aca fhèin gan tuigsinn agus nuair a lìon iad an clàr gu ceart.

    Feumaidh na clàradh a sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh ceart. Ma bhios rinn na h-oileanaich math. Mura bios, faodaidh an luchd-labhairt a bhruidhinn nas soilleire agus faodaidh an luchd-èisteachd an sgrùdadh nas dlùithe.

  • Roinn dreuchdan (roghainneil): Bidh na h-oileanaich uile nan luchd-labhairt, luchd-camara agus nan stiùirichean
  • A’ daingneachadh gnìomhachdan a tha air a mholadh no plana leamhainn:

    Faodaidh aibideilean litrichidh (mar eisimpleir aibideil NATO no aibideil fòn) a’ toirt taic dhan oileanach airson aibideil cànan targaid ionnsachadh.

    B’ urrainn dha luchd-labhairt an ainmean a’ litreachadh le aibideil litrichidh den chànan aca fhèin agus b’ urrainn dha luchd-èisteachd ann an dùthach eile na h-ainmean a sgrìobhadh.

    Obair a bharrachd

    Nuair a rinn na h-oileanaich math leis an obair bunaiteach, b’ urrainn dhuibh barrachd fiosrachadh mun deidhinn fhèin a thoirt seachad; m.e.

    • Tha mi 13 bliadhna a dh’aois
    • Tha am meud agam 1 meatair agus 62 X
    • Is toil leam a’ cluich ball-coise

    NB: Aig an àm seo bidh na h-oileanaich aig ìre A2

    A’ cruthachadh stuthan-taice

    Faodaidh na h-oileanaich dealbhan a lorg airson gach litir den aibideil. No faodaidh na h-oileanaich dealbh a chruthachadh airson gach litir.

  • Factaran pisich no slatan-tomhais measaidh:

    Rinn na h-oileanaich math nuair

    • Nuair a thug iad na h-aimnean, àitichean-fuirich agus fiosrachadh bunaiteach mun teaghlaichean ann an cànan targaid (èisteachd)

    Nuair a thug na fileantaich na h-oileanaich (labhairt)

  • Ùghdarran: Ton Koet. Ma bhios sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn mun obair no atharrachaidhean a bheachdachadh leis an ùghdar, cuir fios gu: Este enderezo de correo está a ser protexido dos robots de correo lixo. Precisa activar o JavaScript para velo.
  • Buidheachas: KPN (Netherlands telecom) airson liostaichean de dh’aibideilean fòn.
  • Oidheaman practaigeach do luchd-teagaisg:

    S ann airson luchd-ionnsachaidh a tha an obair seo. Mar sin dh’fhaoidte cànan an luchd-ionnsachaidh fhèin ga chleachdadh. Faodaidh an neach-oide a’ mìneachadh an aibideil agus àireamhan cànan targaid ro-làimh. Ma bhios 20 oileanaich nur clas, faodaidh sibh àireamhan 1 – 20 a theagasg, ma bhios trichead ann, faodar 1 – 30 a theagasg.

    Tha e cudromach mìneachadh gum feum na h-oileanaich a labhairt gu slaodach agus gu soilleir.

    Tha iomadh làrach-lìn ann, cuid dhuibh le faidhlichean-fuaime, le aibidealan agus aibidealan litrichidh (m.e. https://en.wikipedia.org/wiki/Spelling_alphabet airson aibideilean Laideann, Greugach agus Cirilis)

    Bhiodh e math aibideil a thaghadh a tha freagrach airson nan oileanaich oir tha cuid dhuibh dìreach freagrach airson cloinne òga.

    Mura h-eil sgoil iomlaid aig an sgoil agaibh, faodaidh e-Twinning a bhith cuideachail (https://www.etwinning.net/pub/index.htm)

  • Faclan modh-obrach no teagaisg a bharrachd:

    Dh’fhaoidte an obair seo a leasachadh le barrachd fiosrachadh son nan ìrean nas àirde de CEFR m.e. an cur-seachadan aca, cuspairean-sgoile nas fhèarr aca, planaichean airson an àm ri teachd.

    Faodaidh an obair seo atharrachadh a rèir goireasan TFC, mura gabh bhideo a chlàradh, faodaidh oileanaich dealbhan a thogail.

  • Mìneachadh de dheagh-ghnè na obair seo:

    Tha conaltradh le luchd-fileantaich na deagh chothrom airson ionnsachadh cànain. Gu mì-fhortanach uaireanan cha tuig na fileantach na buannachdan air an son fhèin. Ann an obair seo tha a h-uile com-pàirtiche na neach-ionnsachaidh agus na neach-fileantach, agus mar sin a’ cur ri tuigse eadar-nàiseanta

  • Buaidh air beachdan agus air modhan-teagaisg:

    Bidh tuigse aig na tidsearan gum faod na luchd-ionnsachadh A1 a’ cleachdadh cànain ann am beatha.

    Bidh misneachd aig na h-oileanaich agus an tidsearan gum feum iad an cànan ùr a chleachdadh ann an suidheachaidhean fìor.

    Bidh oileanaich agus tidsearan a’ faireachdain misneachail a thaobh cleachdadh cànain às dèidh conaltraidhean ceart le fileantaich.

    Bidh an dà chuid oileanaich agus luchd-teagaisg a’ tuigsinn gu bheil tuigse cudromach airson conaltraidh shoirbheachail.

  • Adhbharan tras-aiseig an obair:

    Dh’fhaoidte an obair seo a chleachdadh ann na suidheachadh co-obrachadh eadar-nàiseanta sam bith.

    Dh’fhaoidte an obair seo a chleachdadh ann na suidheachadh co-obrachadh eadar-nàiseanta sam bith. 

  • Adhbharan agus / no bun-fhiosrachadh teòirideach an obair: Tha dà fheart den obair gu bheil “duilgheadasan conaltraidh ri fuasgladh” agus gu bheil “iad coltach ris an t-saoghail fhèin” (Skeehan) Tha tuigse deatamach airson conaltradh soirbheachail. Tha am prìomh taisbeanar de shoirbheachais a bhith a’ tuigsinn fileantaich agus gan tuigsinn. Mì-fhortanach tha mì-tuigse ann gu tric nuair a thèid fiosrachadh bunaiteach mar aimmean a thoirt seachad. Cuideachd, cha bhi ainmean gam fuaimneachadh gu ceart. Bidh seo ag adhbharachadh duilgheadasan ann an conaltradh. ‘S ann cudromach gum bi tidsearan a’ toirt iomradh air aig ìrean bunaiteach de CEFR. Bidh seo na bhuannachd dha na h-oileanaich airson an àm ri teachd.
  • Preferencial target age group(s): Young learners and high school students

Tasks By Country